Gjør som tusenvis av andre bokelskere
Abonner på vårt nyhetsbrev og få rabatter og inspirasjon til din neste leseopplevelse.
Ved å abonnere godtar du vår personvernerklæring.Du kan når som helst melde deg av våre nyhetsbrev.
Tha inneal-nighe ga sguabadh a-steach air a' chladach. Sreapaidh Bubba na bhroinn agus an ceann mionaid no dhà tha e glacte sa chuairt toinneachaidh ach thig Eachann Eanchainn ga shàbhaladh. An dèidh beagan ùine a' fèileaganaich ris, tha e a' tionndadh an inneil nighe gubhith na Pheata Ròbot dha Bubba. Is e a' chiad shealladh a tha Peata a' faicinn, sùilean gràdhach Bubba a' coimhead air agus tha e a' smaoineachadh gur e Bubba a dhadaidh. Tha Peata an uair sin a' leantainn Bubba don a h-uile àite. Nuair a thèid Bubba a shnàmh, tha Peata a' dol còmhla ris ach theabas a bhàthadh. Tha Bubba a' sàbhaladh Peata a-rithist agus tha an dithis aca a-nis nan caraidean gu bràth.
Tha TBh ga giùlain a-steach air an làn gu tràigh bhrèagha ghlan nam Bongles. A' cur iongnadh air Bubba Mòr, tha e a' faicinn dealbh de phaidh sùghach blasta a' nochdadh air an sgrion. Tha Bubba Mòr na bhoil 's e a' snòtadh mun cuairt agus an uair sin ag ithe an TBh, agus tha dealbh den phaidh ri fhaicinn na mhionach. Mar a tha e a' casadaich 's a' splutraich, tha A' Chàraid a' feuchainn ri a chuideachadh le bhith ga dhiogaladh. Mu dheireadh thall, gheibh iad fois nuair a nì Bubba casad mòr agus a-mach thig an TBh, an uair sin suidhidh iad uile sìos gus Cupa Cruinne Ball-coise nam Bongles a choimhead air an teilidh ùr aca.
Tha bogsa-fòn a' tighinn a-steach air an tràigh agus cuiridh Bubba Mòr Bongo fios air a' fòn airson dìnnear bhon chlàr biadh-boise. Tha am biadh ga thoirt thuige ann a' heileacoptar. A' faireachdainn fàileadh cùbhraidh a' bhìdh, tha Uilebheist Mara a' ruith às dèidh nam Bongos agus a' goid a' bhìdh bhuapa. Tòisichidh am fòn air an tràigh a' seirm. Tha A' Chàraid a' freagairt - 's e Uilebheist na Mara a th' ann agus e a' toirt taing dhaibh.
A TV washes up on the shore, Big Bubba gets it to work by hitting it.Big Bubba sniffs then eats the TV with the picture of the cake showing through his tummy. The Twins have to tickle him in order to get the TV laughed out of his tummy.
Abonner på vårt nyhetsbrev og få rabatter og inspirasjon til din neste leseopplevelse.
Ved å abonnere godtar du vår personvernerklæring.